Neartaich agus Fàs Gàidhlig ann an Uibhist Cleachd i no caill i Gàidhlig ann an Uibhist Dìon & Neartachadh agus fhàs Ghàidhlig

'S LEATSA AM PLANA SEO - BI PÀIRT DHITH

Uibhist 2030

Uibhist 2030 S e oidhirp a th’ ann an Uibhist 2030 a tha air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd gus a’ Ghàidhlig ann an Uibhist a dhìon, a neartachadh agus a leasachadh. Tha e airson luchd-labhairt fileanta, luchd-ionnsachaidh, teaghlaichean, daoine òga, luchd-tadhail ùr agus luchd-còmhnaidh fad-ùine – neach sam bith a bhios a’ cleachdadh no a’ toirt taic don Ghàidhlig, aig an taigh no air falbh. Tha e cuideachd airson buidhnean ionadail, buidhnean poblach agus solaraichean seirbheis – an fheadhainn aig a bheil pàirt ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig fhathast na cànan beò air feadh ar n-eileanan – gus am brosnachadh gus a bhith an sàs agus ag obair còmhla gus na geallaidhean aca fhèin sa Phlana Ghàidhlig a choileanadh.
Is iad seo prionnsabalan Plana Cànain is Coimhearsnachd Uibhist:
Follaiseachd
‘a’ faicinn agus a’ cluinntinn barrachd Gàidhlig ann am beatha làitheil, gu h-àraidh ann an soidhnichean agus tachartasan’.
Cleachdadh
‘a’ cruthachadh an àite, na misneachd agus an cleachdadh’ gus Gàidhlig a chleachdadh; ‘a’ gluasad bho fhileantachd gu gnìomhachd’
Tha Gàidhlig Cudromach 
‘Aig ìre coimhearsnachd, tha seo a ciallachadh a bhith a smaointinn mu chleachdadh, in-ghabhail agus brosnachadh na Gàidhlig aig an ìre as tràithe airson planadh thachartasan, eadar madainnean cofaidh gu cuairtean eileanach, tachartasan ciùil eadar-nàiseanta agus a’ cur air dòigh thachartasan. Tha e a ciallachadh a bhith a’ smaointinn air mar as fheàrr a ghabhas a’ Ghàidhlig a cleachdadh, a’ toirt a-steach agus a brosnachadh ann am beatha-obrach làitheil nan daoine.’
 
Ceumannan Beaga 
tòiseachadh leis na ghabhas a dhèanamh an-dràst: soidhnichean, a’ cur fàilte sa Ghàidhlig, còmhraidhean…tha na rudan seo uile a togail misneachd agus ag àrdachadh follaiseachd.


Carson a tha seo cudromach
Tha Uibhist air aon dheth na h-àiteachan mu dheireadh far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast mar phàirt de bheatha làitheil na coimhearsnachd - air a cluinntinn ann am bùithean, sgoiltean, àiteachan-obrach, eaglaisean agus san dachaigh. Ach tha an inbhe sin cugallach. Leugh Tuilleadh > 


Gu Ruige Seo
Tha a’ Ghàidhlig air a snìomh a-steach ann an dòigh-beatha Uibhist, ach tha i a tighinn fo chuideam - bho crìonadh sluaigh, cosgaisean ag èirigh, ceangalaichean còmhdhail truagh, gainne taigheadas agus atharrachaidhean san dòigh sa bheil sinn a tighinn beò ’s ag obair. Leugh Tuilleadh >
peats

Ar Dòigh-obrach?

Chaidh Buidheann Luchd-ùidhe Gàidhlig Uibhist * a chur air bhonn gus tuigse fhaighinn air na tha a’ choimhearsnachd ag iarraidh agus oidhirpean a cho-òrdanachadh airson am plana seo a chruthachadh.

 Leugh Tuilleadh > 

 
Ar Prìomhachasan
Oigridh, Dualchas, Comhearsnachd, Àite-obrach agus Iomhaigh Leugh Tuilleadh >


Tòisicheamaid!
‘Cò dhùi, ma’ tha thu ag ionnsachadh beagan fhaclan no a’ cleachdadh Gàidhlig gach latha - tha pàirt agad ri chluiche. Cleachd do chuid Gàidhlig san dachaigh, aig an till, ag obair, anns an talla. Leugh Tuilleadh >


Dèan rudeigin.
Airson cuid a ghnìomhan feumar coiteachadh a dhèanamh ri prìomh buidhnean, bidh feadhainn eile a cur feum air a’ bhuaidh agaibhse agus bidh an còrr a’ crochadh air a h-uile duine a’ dèanamh nas urrainn dhaibh. Leugh Tuilleadh >

Ar Sealladh

Gàidhlig ri cluinntinn ‘s ri faicinn ar feadh Uibhist gu làitheil - ann an dachaighean, san àit’-obrach, aig tachartasan coimhearsnachd agus ann an seirbheisean poblach.

Clann a’ fàs suas sa bruidhinn Gàidhlig gu nàdarra - san dachaigh agus san sgoil

Daoine òga a’ faicinn beatha dhaibh pèin ann an Uibhist far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh.

Luchd-tadhail agus luchd-còmhnaidh ùra a’ faicinn agus a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig mar phàirt de dh’Uibhist.

Buidhnean poblach agus ionadail gu gnìomhail a’ cur taic agus a’ brosnachadh na Gàidhlig.

Bi nad phàirt den Phlana

Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.

 

Thèid ùrachaidhean an roinn gu poblach tro làrach-lìn sònraichte, meadhanan sòisealta agus Am Pàipear - a’ ciallachadh gum bidh am plana follaiseach, practaigeach agus ceangailte ris a’ choimhearsnachd. Bidh tosgairean Gàidhlig ionadail cuideachd ag innse na tha a’ tachairt agus a’ brosnachadh feadhainn eile gus a dhol an-sàs. 

’S ann leatsa a tha am plana seo. Bidh mar phàirt dheth.

1. Oigridh
Amas: Amas: Barrachd dhaoine òga a’ cleachdadh na Gàidhlig gu misneachail nam beatha, san sgoil agus nan obair, agus air am brosnachadh gus fuireach is obair an Uibhist an uair a ruigeas iad inbheachd.

Leugh Tuilleadh >

2. Dualchas
Amas: Meudaich fiosrachadh, ruigsinneachd agus com-pàirteachas ann ann an cultar agus dualchas Gàidhlig Uibhist, gus a bheil e follaiseach sna coimhearsnachdan, cothroman foghlaim agus an eaconamaidh againn.

 

Leugh Tuilleadh >

3. A’ neartachadh na Gàidhlig sa Choimhearsnachd
Amas: A’ Ghàidhlig air a cleachdadh - air a bruidhinn, air a cluinntinn agus luach ga chur oirre - air feadh coimhearsnachd Uibhist, le luchd-ionnsachaidh agus fileantaich a faighinn taic aig gach ìre.

 

Leugh Tuilleadh >

4. Àite-obrach
Amas: ‘Se a’ Ghàidhlig a’ chànan obrach àbhaisteach, fhollaiseach ann an Uibhist - bhon oifis chun a’ bhàt’ iasgaich - agus a faighinn taic bhon h-uile raon.

 

Leugh Tuilleadh >

5. Ìomhaigh na Gàidhlig ann an Uibhist
Amas: A’ Ghàidhlig a bhith air a faicinn, air a cluinntinn 's air a comharrachadh aig cridhe beatha làitheil ann an Uibhist, an dà chuid a thaobh dearbh-aithne agus dòigh-labhairt ùr-nodha.

 

Leugh Tuilleadh >

Stiùireadh a’ Phlana

Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.

www.gaidhliguibhist.scot Bidh www.planauibhist.scot na àite far am faighear, àite far am faighear fiosrachadh air cothroman ionnsachaidh Gàidhlig anns a’ Ghàidhlig agus naidheachdan togarrach agus taisbeanaidhean a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig. Bheir e taic cuideachd do dhaoine fa leth agus buidhnean a tha airson cur ris no stiùireadh a thairgsinn air cuid a ghnìomhan.

Cumaidh teachdaireachdan meadhanan sòisealta agus fiosrachadh cunbhalach anns Am Pàipear Plana Gàidhlig Uibhist follaiseach agus ceagailte ris a’ choimhearsnachd.

Thèid tosgairean ionadail ainmeachadh air feadh nan eileanan gus adhartas a bhrosnachadh agus adhartas a roinn air meadhanan sòisealta.

‘Se adhartas cunbhalach, leantainneach agus practaigeach an t-amas agus chan ann dìreach airson aon iomairt a thèid a chur an dara taobh rè ùine. Le bhith a’ toirt a-steach daoine fa lath, coimhearsnachdan agus ag obair gu dlùth ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, thèid againn air suidheachadh a chruthachadh far am bith barrachd làthaireachd aig a’ Ghàidhlig far a bheil i air a cleachdadh nas fharsainge ann am beatha làitheil air feadh Uibhist.