Àite-obrach
Amas: ‘Se a’ Ghàidhlig a’ chànan obrach àbhaisteach, fhollaiseach ann an Uibhist - bhon oifis chun a’ bhàt’ iasgaich - agus a faighinn taic bhon h-uile raon.
Àite-obrach
“Cha robh Gàidhlig againn aig an taigh, ach dh’ionnsaich mi tron bhun-sgoil. Nuair a ràinig mi an àrd-sgoil, cha robh mòran Ghàidhlig air a cleachdadh taobh a-muigh a’ chlas, agus chaill mi misneachd. Rinn mi Gàidhlig a-rithist anns a’ bhliadhna mu dheireadh agam agus, le taic bho mo thidsear, thàinig m’ ùidh agus mo mhisneachd air ais.
Bha mi ag iarraidh barrachd chothroman Gàidhlig aig an oilthigh agus thòisich mi aig Ceòlas tro sgeama nan oileanach. Tha mi air a bhith ag obair an sin o chionn còrr is ceithir bliadhna – a’ cleachdadh Gàidhlig gach latha. Às dèidh turas do dh’Eilean Sgitheanach, far an do choinnich mi ri oileanaich Ghàidhlig bho air feadh na dùthcha, tha Gàidhlig a-nis na pàirt de gach raon d’am bheatha.
Bu mhath leam gum biodh barrachd dhaoine òga a’ faighinn an aon chothrom.” – Anndra
Action
Organisations that link with this action
Gnìomh Coimhearsnachd
A1.1 Cruthaich teamplaid Cairt Ghàidhlig shoilleir, shìmplidh a dh’fhaodas buidheann sam bith a chleachdadh aig ìre a tha feagarrach airson na buidhnean aca fhèin.
Cothrom
Tagsa Uibhist
UCVO
Caraidean Uibhist
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath Caraidean Uibhist CAB Uist Macinnes Bros Cidsin Ceilidh Soar Laithean Baile Raghail + Dunes Cafe
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
Faighnich dhan fhastaiche agad: “Carson nach eil Cairt Ghàidhlig againn?” - cuidich ann a bhith ga dhealbh airson an sgioba agaibhse.
A1.2 Dealbhaich goireas airson fastaichean a bhios feumail airson stuthan inntrigidh, soidhnichean agus teamplaidean suaichneasan, agus sgrìobh eiseimpleirean a bhios feumail.
UHI NWH- Uist Unearthed
Comann Dualchais Innse Gall
Museum nan Eilean
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Visit Outer Hebrides
A bheil thu ann an HR? Faighnich airson a ghoireas seo no tairg a thoirt air adhart gu saor-thoileach.
A1.3 Dèan modh-sgrùdadh agus sgilean airson Gàidhlig ann an àiteachan-obrach/buidhnean.
Cothrom
Tagsa Uibhist
UCVO
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
Leabharlann Lionacleit
Fastaichean: iarr modh-sgrùdadh gus cuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn an t-àite a th’aig a’ Ghàidhlig sa bhuidheann agaibh.
A1.4 Brosnaich buidhnean agus gnìomhachasan gus beachdachadh air luach sgilean Gàidhlig ann an sanasan obrach agus fastadh, agus gluais dha rèir gus a’ Ghàidhlig a neartachadh san sgioba.
Cothrom
Tagsa Uibhist
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
CNES Gaelic Plan
Sòn Ath-shluaigh
Visit Outer Hebrides
Leabharlann Lionacleit
Cuir “Gàidhlig air iarraidh” no “Fàilte air Gàidhlig” san ath shanas obrach agaibh.
A1.5 Comharraich agus teistich adhartas bhuidhnean agus àiteachan-obrach ann a bhith a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig tron siostam cairte.
Cothrom
Tagsa Uibhist
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh UCVO
Caraidean Uibhist CAB Uist Macinnes Bros Cidsin Ceilidh Soar Laithean Baile Raghail + Dunes Cafe
Amas air ìre duaise san àit’-obrach agaibh - innis an uair a tha sibh air adhartas a dhèanamh.
A1.6 Dèan comasach cothroman sòisealta Gàidhlig san àit-obrach - m.e. còmhraidhean aig àm tì/cofaidh, sgeamachan caraid, farpaisean-cheist.
Cothrom
Tagsa Uibhist
UCVO
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Taigh Chearsabhagh
Mol cofaidh “Dìhaoine Gàidhlig” no dùbhlan le deich faclan gach seachdain.
A1.7 Brosnaich Gàidhlig an uair a tha thu ag obair leat fhèin no bhon dachaigh - còmhraidhean air-loidhne agus buidhnean ionnsachaidh caraid aig astar.
Buidhnean a tha ag obair air an ceann fhèin, luchd-obrach air astar.
North Uist Development Company
A bheil thu ag obair air do cheann-fhèin? Thig an luib no tòisich buidheann Gàidhlig air Zoom no seisean co-obrachaidh sa Ghàidhlig.
A1.8 Rannsaich cothroman agus maoineachadh gus taic a chur ri leasachadh sgilean san àit-obrach.
CNES, Bòrd na Gàidhlig, Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Sòn Ath-shluaigh
Coimhead feuch am faodadh ionnsachadh Gàidhlig a bhith sa mhaoin trèanaidh obrach agaibh.
A1.9 Cleachd barrachd Gàidhlig ann a bhith a’ dèiligeadh ris an t-sluagh: soidhnichean, fàilteachadh, pasgain fiosrachaidh, còmhraidhean fòn.
Caraidean Uibhist
Ceann na h-Àirigh Cothrom
Tagsa Uibhist
UCVO
Caraidean Uibhist
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath Caraidean Uibhist CAB Uist Macinnes Bros Cidsin Ceilidh Soar Laithean Baile Raghail + Dunes Cafe
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
North Uist Development Company
An ath thuras a chuireas tu fios air buidheann poblach, faighnich airson fàilte sa Ghàidhlig - tha e cudromach!
Ar Sealladh airson 2030
Gàidhlig ri cluinntinn ‘s ri faicinn ar feadh Uibhist gu làitheil - ann an dachaighean, san àit’-obrach, aig tachartasan coimhearsnachd agus ann an seirbheisean poblach.
Clann a’ fàs suas sa bruidhinn Gàidhlig gu nàdarra - san dachaigh agus san sgoil
Daoine òga a’ faicinn beatha dhaibh pèin ann an Uibhist far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh.
Luchd-tadhail agus luchd-còmhnaidh ùra a’ faicinn agus a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig mar phàirt de dh’Uibhist.
Buidhnean poblach agus ionadail gu gnìomhail a’ cur taic agus a’ brosnachadh na Gàidhlig.
Stiùireadh a’ Phlana
Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.
www.gaidhliguibhist.scot will act as a central point for updates, a community diary, a one stop shop for infomation on Gaelic learning opportunities in Gaelic and good news stories and showcases relating to Gaelic. It will also help individuals, groups, and organisations find ways to contribute or lead on particular actions.
Social media and regular updates in Am Pàipear will also help keep Plana Gàidhlig Uibhist visible and connected to the wider community.
Thèid tosgairean ionadail ainmeachadh air feadh nan eileanan gus adhartas a bhrosnachadh agus adhartas a roinn air meadhanan sòisealta.
‘Se adhartas cunbhalach, leantainneach agus practaigeach an t-amas agus chan ann dìreach airson aon iomairt a thèid a chur an dara taobh rè ùine. Le bhith a’ toirt a-steach daoine fa lath, coimhearsnachdan agus ag obair gu dlùth ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, thèid againn air suidheachadh a chruthachadh far am bith barrachd làthaireachd aig a’ Ghàidhlig far a bheil i air a cleachdadh nas fharsainge ann am beatha làitheil air feadh Uibhist.