Cuir fios

Tha sinn an seo airson do chuideachadh.

Failte Gu Uibhist 2030

Uibhist 2030 - iomairt coimhearsnachd gus a’ Ghàidhlig a dhìon, a neartachadh agus fhàs ann an Uibhist. Tha e airson daoine a tha fileanta, luchd-ionnsachaidh, teaghlaichean, daoin’ òga, feadhainn a tha air socrachadh as ùr no a tha air a bhith a’ fuireach an Uibhist fad am beatha - duine sam bith a tha a’ cleachdadh no a’ cur taic ris a’ Ghàidhlig, aig an dachaigh no air falbh. Tha e cuideachd airson buidhnean ionadail, buidhnean poblach agus luchd-solarachaidh seribheis - feadhainn aig a bheil pàirt ri chluiche ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ Gàidhlig na cànan beò air feadh na h-eileanan againn - gus am brosnachadh airson a dhol an-sàs agus obrachadh còmhladh gus na gealltanasan aca fhèin a chur ris a’ Phlana Gàidhlig.

Is mise Ceiteag.

Nam bu mhath leibh bruidhinn rinn mu bhith an sàs nar n-oidhirpean gus Gàidhlig sa choimhearsnachd a neartachadh, ceist a chur mun Mhaoin Choimhearsnachd aig Plana Gàidhlig, Bann-Sgrìobhte Gàidhlig a ghabhail os làimh, no ma tha ceist sam bith eile agad, na bi leisg fios a chur thugainn tron duilleag seo.

Mòran taing
Ceiteag

Ceitag Macdonald

    Your Name (required)

    Your Email (required)

    Subject

    Your Message

    Ar Sealladh airson 2030

    Stiùireadh a’ Phlana

    Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.

    https://gaidhliguibhist.scot/ will act as a central point for updates, practical tools, and examples of what’s working. It will also help individuals, groups, and organisations find ways to contribute or lead on particular actions. Social media and and regular updates on the Ceòlas FB site will help keep Plana Gàidhlig Uibhist visible and connected to the wider community.

    Thèid tosgairean ionadail ainmeachadh air feadh nan eileanan gus adhartas a bhrosnachadh agus adhartas a roinn air meadhanan sòisealta.

    ‘Se adhartas cunbhalach, leantainneach agus practaigeach an t-amas agus chan ann dìreach airson aon iomairt a thèid a chur an dara taobh rè ùine. Le bhith a’ toirt a-steach daoine fa lath, coimhearsnachdan agus ag obair gu dlùth ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, thèid againn air suidheachadh a chruthachadh far am bith barrachd làthaireachd aig a’ Ghàidhlig far a bheil i air a cleachdadh nas fharsainge ann am beatha làitheil air feadh Uibhist.