Goireasan
Tha sinn air beagan cheanglaichean is ghoireasan feumail a chruinneachadh gus cùisean a dhèanamh nas fhasa dhut — rannsaich, ionnsaich, agus cùm ceangal.
Useful Links and Resources
Goireasan Gàidhlig do ghnìomhachasan aoigheachd ann an Uibhist
Goireasan Gàidhlig
Buidhnean a bhios toirt taic dhan Ghàidhlig
Goireasan co-ceangailte ri creideamh 's adhradh.
Stiùireadh a’ Phlana
Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.
https://gaidhliguibhist.scot/ will act as a central point for updates, practical tools, and examples of what’s working. It will also help individuals, groups, and organisations find ways to contribute or lead on particular actions. Social media and and regular updates on the Ceòlas FB site will help keep Plana Gàidhlig Uibhist visible and connected to the wider community.
Thèid tosgairean ionadail ainmeachadh air feadh nan eileanan gus adhartas a bhrosnachadh agus adhartas a roinn air meadhanan sòisealta.
‘Se adhartas cunbhalach, leantainneach agus practaigeach an t-amas agus chan ann dìreach airson aon iomairt a thèid a chur an dara taobh rè ùine. Le bhith a’ toirt a-steach daoine fa lath, coimhearsnachdan agus ag obair gu dlùth ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, thèid againn air suidheachadh a chruthachadh far am bith barrachd làthaireachd aig a’ Ghàidhlig far a bheil i air a cleachdadh nas fharsainge ann am beatha làitheil air feadh Uibhist.