Dualchas
Amas: meudaich fiosrachadh, ruigsinneachd agus com-pàirteachas ann ann an cultar agus dualchas Gàidhlig Uibhist, gus a bheil e follaiseach sna coimhearsnachdan, cothroman foghlaim agus an eaconamaidh againn.
Dualchas
“Tha mi a’ trèanadh airson a bhith nam thidsear ealain. Tha mi Ameireaganach agus tha m’ fhear à Uibhist. Chan eil mi fileanta fhathast ach tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig airson trì bliadhna. Dh’ionnsaich mi anns a’ gharaids nuair a bha mi a’ càradh chàraichean, a’ faighinn cupa tì le Catrìona Nic an t-Saoir, agus air Duolingo a h-uile latha airson dà bhliadhna. Bidh mi a’ cleachdadh na Gàidhlig leis a’ chloinn agus timcheall nan eileanan. Tha cuimhne agam air m’ athair-cèile a’ bruidhinn na Gàidhlig fad na h-ùine agus tha mi ag ionndrainn an fhuaim.”
Bu chòir a h-uile duine a thig a seo beagan no barrachd Gàidhlig ionnsachadh. Tha a’ chànan uabhasach cudromach do choimhearsnachd is dualchas. Tha mi an dòchas gun urrainn dhomh barrachd Gàidhlig a chluinntinn is a chleachdadh.”- Tessa
Action
Buidhnean a tha a’ ceangal ris a’ ghnìomh seo
Gnìomh Coimhearsnachd
D1.1 Brosnaich goireasan agus taic dualchais a tha ann mar-thà – mapaich na tha ri fhaighinn mu thràth; roinn agus cleachd gu farsaing. ighinn mu thràth; roinn agus cleachd gu farsaing.
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
UHI NWH- Uist Unearthed
Comann Dualchais Innse Gall
Museum nan Eilean
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit
North Uist Agricultural Society
Leabharlann Lionacleit
North Uist Development Company
Cuir tachartas ionadail air dòigh no fritheil e, no dèan obair shaor-thoileach leis a’ bhuidheann dualchais ionadail agad. Cuir a-steach cleachdadh these resources in projects.
D1.2 Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach (CPD) adhartachadh airson luchd-teagaisg agus luchd-obrach ann an cultar is dualchas Uibhist.
UHI NWH- Uist Unearthed
Comann Dualchais Innse Gall
Museum nan Eilean
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Visit Outer Hebrides
An e neach-teagasg no proifeiseantach a th’annad? Faighnich airson CPD ceangailte ri dualchas agus dual-chainnt ionadail.
A bheil na sgilean agad airson cur ris? Leig fios gu aon dheth na buidhnean airson gnothaichean a chur air adhart.
D1.3 Dual-chainntean ionadail air feadh Uibhist a bhrosnachadh - chan e dìreach Gàidhlig, ach a’ Ghàidhlig agaibhse. your Gaelic.
Tobar an Dualchais, Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit
Uist Primaries
Early Years
North Uist Agricultural Society
North Uist Development Company
Clàr seanairean, cruinnich ainmean-àite, no cuidich mapa dual-chainnt ionadail a chruthachadh coltach ri Stòras Shlèite - a roinn òrain, sgeuachdan sa cruthachadh stòrasan.
Cruthaich goireas facal na mìos air Uibhist Beò no meadhanan sòisealta, a’ comharrachadh faclan sònraichte Uibhisteach.
D1.4 Pròiseictean tar-ghinealach fhàs - m.e. seanchas, ceòl, dualchas, tasglann digitseach.
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Dualchais Innse Gall
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit
Uist Primaries
Early Years
North Uist Agricultural Society
North Uist Development Company
Tòisich pròiseact teaghlaich no bheir cuideigin a tha càirdeach dhut dhan sgoil no gu tachartas gus sgeulachd innse.
Dè as aithne dhut mu eachdraidh agus beul-aithris a bhaile agad fhèin no an cruth-tìre ionadail?
D1.5 Cruthaich Liosta de dh’eòlaichean ionadail a bhiodh deònach sgeulachdan, ciùird no sgilean a roinn le sgoilearan.
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
UHI NWH- Uist Unearthed
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
Outer Hebrides Heritage Forum
North Uist Development Company
A bheil eòlas agad ri roinn? Cuir d’ainm air adhart mar neach-labhairt no brosnaich feadhainn eile a leithid a dhèanamh.
Ceangail dualchas agus foghlam: Leasaich no cur taic ri bhith toirt seachad mòdailean leithid Cultar na Gàidhlig agus pròiseactan IDL ann an sgoiltean mar phàirt dhen churraicealam choitcheann.
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
UHI NWH- Uist Unearthed
Comann Dualchais Innse Gall
Ro-Innleachd Sgoil Lionacleit
Sgoilearan: iarr barrachd ionnsachadh mun chultair san aeachdraidh agad fhèin sa chlas.
Tairg do chuid sgilean airson cur ri leithid de mhòdail.
D1.7 Obraich còmhla ri beul-aithrisichean aig a bheil mion eòlas air dualchas Uibhist.
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
UHI NWH- Uist Unearthed
Comann Dualchais Innse Gall
Ro-Innleachd Sgoil Lionacleit
North Uist Development Company
Leabharlann Lionacleit
Dèan agallamh ri cuideigin anns a choimhearsnacdh agad agus cuidich an sgeulachd aca a chlàradh.
D1.8 Taisbean obair dualchas tro dhòighean cruthachail - podcastan, streathan goirid aithriseach, cuairtean-claisneachd, taisbeanaidhean ealain.
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
UHI NWH- Uist Unearthed
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
Visit Outer Hebrides
MG Alba
North Uist Development Company
Tòisich pròiseact no cur beachd air adhart - am b’urrainn dhut do ghranaidh a chlàradh ag innse sgeulachdan?
Ar Sealladh airson 2030
Gàidhlig ri cluinntinn ‘s ri faicinn ar feadh Uibhist gu làitheil - ann an dachaighean, san àit’-obrach, aig tachartasan coimhearsnachd agus ann an seirbheisean poblach.
Clann a’ fàs suas sa bruidhinn Gàidhlig gu nàdarra - san dachaigh agus san sgoil
Daoine òga a’ faicinn beatha dhaibh pèin ann an Uibhist far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh.
Luchd-tadhail agus luchd-còmhnaidh ùra a’ faicinn agus a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig mar phàirt de dh’Uibhist.
Buidhnean poblach agus ionadail gu gnìomhail a’ cur taic agus a’ brosnachadh na Gàidhlig.
Stiùireadh a’ Phlana
Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.
www.gaidhliguibhist.scot Bidh www.planauibhist.scot na àite far am faighear, àite far am faighear fiosrachadh air cothroman ionnsachaidh Gàidhlig anns a’ Ghàidhlig agus naidheachdan togarrach agus taisbeanaidhean a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig. Bheir e taic cuideachd do dhaoine fa leth agus buidhnean a tha airson cur ris no stiùireadh a thairgsinn air cuid a ghnìomhan.
Cumaidh teachdaireachdan meadhanan sòisealta agus fiosrachadh cunbhalach anns Am Pàipear Plana Gàidhlig Uibhist follaiseach agus ceagailte ris a’ choimhearsnachd.
Thèid tosgairean ionadail ainmeachadh air feadh nan eileanan gus adhartas a bhrosnachadh agus adhartas a roinn air meadhanan sòisealta.
‘Se adhartas cunbhalach, leantainneach agus practaigeach an t-amas agus chan ann dìreach airson aon iomairt a thèid a chur an dara taobh rè ùine. Le bhith a’ toirt a-steach daoine fa lath, coimhearsnachdan agus ag obair gu dlùth ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, thèid againn air suidheachadh a chruthachadh far am bith barrachd làthaireachd aig a’ Ghàidhlig far a bheil i air a cleachdadh nas fharsainge ann am beatha làitheil air feadh Uibhist.