Mu ar deidhinn
Uibhist 2030
Carson a tha seo cudromach
Tha Uibhist air aon dheth na h-àiteachan mu dheireadh far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast mar phàirt de bheatha làitheil na coimhearsnachd - air a cluinntinn ann am bùithean, sgoiltean, àiteachan-obrach, eaglaisean agus san dachaigh. Ach tha an inbhe sin cugallach. Ma tha sinn airson a’ Ghàidhlig a chluinntinn eadar diofar ghinealaichean, ann an còmhraidhean làitheil, anns na h-àiteachan far a bheil sinn a fuireach ’s ag obair, feumaidh sinn gluasad an-dràst - còmhladh. Faodaidh sibh barrachd a leughadh aig www.planauibhist.scot www.gaidhliguibhist.scot
Gu Ruige Seo
Tro obair a’ phlana thèid ceumannan a ghabhail gus dèiligeadh ris na dùbhlain seo le fuasglaidhean practaigeach, adhartach a bheir lùghdachadh ar breòiteachd dòigh-beatha sna h-eileanan againn ’s aig an aon àm a neartachadh na Gàidhlig.
Tha a’ Ghàidhlig air a snìomh a-steach ann an dòigh-beatha Uibhist, ach tha i a tighinn fo chuideam - bho crìonadh sluaigh, cosgaisean ag èirigh, ceangalaichean còmhdhail truagh, gainne taigheadas agus atharrachaidhean san dòigh sa bheil sinn a tighinn beò ’s ag obair.
Ar Dòigh-obrach
Chaidh Buidheann Luchd-ùidhe Gàidhlig Uibhist * a chur air bhonn gus tuigse fhaighinn air na tha a’ choimhearsnachd ag iarraidh agus oidhirpean a cho-òrdanachadh airson am plana seo a chruthachadh. Tha am plana seo ag amas follaiseachd, cleachdadh làitheila’ cur Gàidhlig air thoiseach agus a’ togail atharrachadh tro cheumannan beagaTha sinn a’ feuchainn ris a h-uile duine a thoirt air bòrd, ge-brith dè na comasan no a bhuaidh a th’aca.
Uibhist 2030 S e oidhirp a th’ ann an Uibhist 2030 a tha air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd gus a’ Ghàidhlig ann an Uibhist a dhìon, a neartachadh agus a leasachadh. Tha e airson luchd-labhairt fileanta, luchd-ionnsachaidh, teaghlaichean, daoine òga, luchd-tadhail ùr agus luchd-còmhnaidh fad-ùine – neach sam bith a bhios a’ cleachdadh no a’ toirt taic don Ghàidhlig, aig an taigh no air falbh. Tha e cuideachd airson buidhnean ionadail, buidhnean poblach agus solaraichean seirbheis – an fheadhainn aig a bheil pàirt ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig fhathast na cànan beò air feadh ar n-eileanan – gus am brosnachadh gus a bhith an sàs agus ag obair còmhla gus na geallaidhean aca fhèin sa Phlana Ghàidhlig a choileanadh.
Ar Sealladh airson 2030
Gàidhlig ri cluinntinn ‘s ri faicinn ar feadh Uibhist gu làitheil - ann an dachaighean, san àit’-obrach, aig tachartasan coimhearsnachd agus ann an seirbheisean poblach.
Clann a’ fàs suas sa bruidhinn Gàidhlig gu nàdarra - san dachaigh agus san sgoil
Daoine òga a’ faicinn beatha dhaibh pèin ann an Uibhist far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh.
Luchd-tadhail agus luchd-còmhnaidh ùra a’ faicinn agus a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig mar phàirt de dh’Uibhist.
Buidhnean poblach agus ionadail gu gnìomhail a’ cur taic agus a’ brosnachadh na Gàidhlig.
Ar Prìomhachasan
Oigridh
Taic a chumail ri misneachd, cruthachalas agus cothroman airson daoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh.
Dualchas
Dual-chainntean ionadail, sgeulachdan agus cultar Gàidhlig Uibhist a chliùthachadh
Comhearsnachd
A dhèanamh furasta a’ Ghàidhlig fhaicinn, a chluinntinn agus a cleachdadh ann am beatha làitheil na coimhearsnachd.
Àite-obrach
A’ Ghàidhlig a bhrosnachadh ann an àiteachan obrach air fad m.e ann an oifisean, bùithean, dachaighean cùraim, seirbheisean slàinte, ionadan còmhdhail agus gnothachasan ionadail.
Iomhaigh
A’ Ghàidhlig a bhrosnachadh mar rud a bhuineas agus a tha na bhaunnachd dhan h-uile duine an Uibhist.
Tòisicheamaid!
Co-dhiù a tha thu ag ionnsachadh beagan fhaclan no a’ cleachdadh Gàidhlig gach latha - tha pàirt agad ri chluiche. Cleachd do chuid Gàidhlig san dachaigh, aig an till, ag obair, anns an talla. Brosnaich daoine eile. Faighnich airson na Gàidhlig ann an seirbheisean is tachartasan. Cleachd i gus fàilte a chur air daoine ùra. Cha tachair na gnìomhan anns na duilleagan a leanas as aonais taic bho bhuidhnean agus daoine fa leth. Faodaidh tu coiteacadh, faodaidh tu buaidh a thoirt, faodaidh tu d’ùine, do sgilean, do chànan a thairgsinn. organisations and individuals. You can lobby, you can influence, you can offer your time, your skills, your language.
Coitich. Thoir Buaidh. Dèan rudeigin.
Airson cuid a ghnìomhan feumar coiteachadh a dhèanamh ri prìomh buidhnean, bidh feadhainn eile a cur feum air a’ bhuaidh agaibhse agus bidh an còrr a’ crochadh air a h-uile duine a’ dèanamh nas urrainn dhaibh. ’S urrainn dhan h-uile duine rudeigin a dhèanamh. Bu chòir na buidhnean a th’air an ainmeachadh sa phlana seo a bhith air am brosnachadh a dhol an-sàs agus a bhith so-ruigsinneach gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ lìbhrigeadh air na geallaidhean aca agus gu bheil iad gnìomhail a thaobh taic, brosnachadh agus cleachdadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan againn. All the organisations named in this plan should be lobbied and/or contacted regularly to ensure they are delivering on their commitments and that they are being proactive in their support, promotion and use of Gaelic in our communities.
Faodaidh tu buaidh a thoirt ann an diofar dhòighean, mar eiseimpleir, tro bhallrachd air Bùird, Urrasan agus comataidhean, a’ bruidhinn ri luchd-ùidhe, a’ togail chuspairean ri luchd-obrach, a’ bruidhinn ris na Comhairlichean coimhearsnachd agus ionadail agaibh, BPan, BPAan, a’ dol gu freastal-lainn gus draghan a thogail, cuideachadh a thairgsinn mar fhastaiche gus taic a chur ri greisean-gnìomhachais Gàidhlig, ballrachd a ghabhail ann am buidhnean saor-thoileach leithid Comhairle Phàrant no buidhnean taic eile san Treas Roinn.
Stiùireadh a’ Phlana
Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.
www.gaidhliguibhist.scot Bidh www.planauibhist.scot na àite far am faighear, àite far am faighear fiosrachadh air cothroman ionnsachaidh Gàidhlig anns a’ Ghàidhlig agus naidheachdan togarrach agus taisbeanaidhean a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig. Bheir e taic cuideachd do dhaoine fa leth agus buidhnean a tha airson cur ris no stiùireadh a thairgsinn air cuid a ghnìomhan.
Cumaidh teachdaireachdan meadhanan sòisealta agus fiosrachadh cunbhalach anns Am Pàipear Plana Gàidhlig Uibhist follaiseach agus ceagailte ris a’ choimhearsnachd.
Thèid tosgairean ionadail ainmeachadh air feadh nan eileanan gus adhartas a bhrosnachadh agus adhartas a roinn air meadhanan sòisealta.
‘Se adhartas cunbhalach, leantainneach agus practaigeach an t-amas agus chan ann dìreach airson aon iomairt a thèid a chur an dara taobh rè ùine. Le bhith a’ toirt a-steach daoine fa lath, coimhearsnachdan agus ag obair gu dlùth ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, thèid againn air suidheachadh a chruthachadh far am bith barrachd làthaireachd aig a’ Ghàidhlig far a bheil i air a cleachdadh nas fharsainge ann am beatha làitheil air feadh Uibhist.