Tha Gàidhlig Uibhist beò. Tha i làidir. Agus tha i nar làmhan fhèin.
Uibhist: Bliadhna Làn Cheòl, Cultair is Cridhe
Uill, tha e an seo mu dheireadh thall – bloga Plana Gàidhlig Uibhist!
Àite far am faigh sinn uile cothrom na rudan sònraichte, làidir agus uaireannan èibhinn a thachras tron Ghàidhlig anns na h‑eileanan againn air a chur ri chèile ann an aon àite.
Ma tha sibh fhèin airson pìos beag a sgrìobhadh, sgeulachd ghòrach innse no dìreach na rudan Gàidhlig sgoinneil a tha tachairt anns a’ choimhearsnachd a cho-roinn, leig fios thugam! Tha an doras fosgailte agus tha guthan Uibhist aig cridhe an làraich seo. Airson an-dràsta seo geàrr-chunntas luath de dhà no trì rudan a tha air a bhith a’ tachairt bho thòisich mi san dreuchd.
Bhon Mhòd Uibhist gu Mòd Bharraigh agus fiù ’s am Mòd Nàiseanta tha a’ chlann againn air a bhith a’ deàrrsadh. Òrain, bàrdachd, sgeulachdan – tha iad air a bhith anns gach talla, anns gach cèilidh agus fiù ’s air BBC ALBA. Nam bheachd-sa, chan e modh X-Factor 'seall ormsa' a th' aig a' chlann againn uair sam bith. Tha e nàdarrach dhaibh an cànan aca a thogail agus tha misneachd iongantach orra.
Bha grunn rudan ann a bhlàthaich mo chridhe: nighean a’ seinn san trannsa ann an Sgoil An Ìochdair, clann a’ sealltainn moit anns na coisirean, agus deagh thoradh gu leòr a’ tighinn dhachaigh leis na sgoilearan – bonn òir, airgid is umha, ach uile le barrachd mìsneachd ‘s pròis a’ tilleadh na bh’ aca a’ dol ann.
Gaireachdaich & Craic Dràma,
Bha Sgioba Dràma Uibhist dìreach sgoinneil – Gàidhlig bheòthail, caractaran ionadail, agus gàireachdaich gu leòr. Fada nas fheàrr na rud sam bith air Netflix!
Uist Unearthed – ar seann sgeulachdan, ar cànan beò
Chaidh an leabhar ùr a chur air bhog ann an stoirm, ach ’s e leabhar a thig beò air do bheulaibh, AR, sgeulachdan nan eilean ‘s Gàidhlig air fhighe cho snog na lùib. Ma tha thu faisg air a’ Mhachaire, rach ann. Chan eil sìon eile coltach ris.
Bana-gaisgeach Uibhist
Tha mi air rudeigin uabhasach laghach fhaicinn o chionn ghoirid a bhlàthaich mo chridhe agus a thug orm smaoineachadh mu dheidhinn neart nam bàn. Dh’ èist mi ri Chrissie Laing air an làrach Uist Beò. Chrissie Laing air Uist Beò Boireannach le inntinn geur, stòras iongantach de dh’ fhiosrachadh gu h-à`araid a tha ceangailte ri nàdaur ‘’s bheathaichean. Gàidhlig cho nàdaurra ’s a th’ ann, boireannach pongeil, ‘’s ged a tha a bothaig a’ failligeadh tha a spiorad làidir agus tha i a’ togail spioradan dhaoine eile le bhith ag innse a sgeulachdan.
Bha i ri fhaicinn a -rithist air a’ phrògramme Cùram air BBC Alba. Cum bogsa naipraigean faisg ort ( ma tha thu bog mar a tha mise)
>>> Cùram on BBC Alba iPlayer.
Dòchas ùr don Ghàidhlig
Fhuair mi cothrom a dhol gu coinneamh co-choimhearleachaidh mar riochdaire airson Uibhist leis an Leas Prìomh Mhinistear agus gu coinneamh eile leis an sgioba aice. Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a’ cur tòrr taic ris a’ Ghàidhlig tro lagh ùr Achd nan Cànanan Albannach.Tha barrachd taic-airgid air an t-slighe, agus cothrom aig Uibhist a bhith na phàirt de Sgìre Chànain Sònraichte.Tha mi an dòchas gun cluinnear guthan na coimhearsnachd aig gach ceum.
Ann am faclan sìmplidh: Tha Gàidhlig Uibhist beò. Tha i làidir. Agus tha i nar làmhan fhèin.

