Oigridh

Amas: Barrachd dhaoine òga a’ cleachdadh na Gàidhlig gu misneachail nam beatha, san sgoil agus nan obair, agus air am brosnachadh gus fuireach is obair an Uibhist an uair a ruigeas iad inbheachd.

Oigridh

“Bidh mi ag èisteachd ri Radio nan Gàidheal a’ mhòr-chuid a mhaidnean – deagh dhòigh dhomh ceangal leis a’ Ghàidhlig airson an latha a thòiseachadh. ‘S dòcha an uair sin nach cluinn no nach bruidhinn mi Gàidhlig mòran, a rèir cò a chì mi no càite an tèid mi an latha sin. ‘S e dachaigh dà-chànanach a th’ againn, le measgachadh ìrean fileanta, meadhanach fileanta agus ag ionnsachadh. Bha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig fìor chudromach ann am fileantas na cloinne agus airson faireachdainn a thoirt dhaibh gu bheil àite aca ann an cultar na Gàidhlig, agus thug e air an athair ionnsachadh! A-nis is iad nan inbhich òga, chan eil uimhir a chothrom aca an cànan a chleachdadh ach tha iad dèonach sin a dhèanamh nuair as urrainn dhaibh. San fharsaingeachd, tha dà-chànanas sgoinneil airson eanchainn agus a’ cur taic ri iomadachd chultarail, dà dheagh adhbhar airson neartachadh cleachdadh na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh.” – Anna
Action
Buidhnean aig a bheil ceangal ris a’ ghnìomh seo
Gnìomh Coimhearsnachd

 01.0 Ceangal a dhèanamh le Fòraman Òigridh is Stiùirichean Òga Uibhist agus còmhraidhean Gàidhlig a thoirt a-steach mu dheidhinn agus do dhealbhadh is cruthachadh ghnìomhachdan òigridh. 

Cothrom
Alba FC
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna Fèisean nan Gàidheal
Taigh Chearsabhagh
Sgioba Gàidhlig CNES
Ro-Innleachd Sgoil Lionacleit
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit
Repopulation Action Zone

A bheil thu fo aois 25? Gabh pàirt anns na fòraman agus cuidich le bhith a’ neartachadh Gàidhlig san àm ri teachd ann an Uibhist.  

01.22 A’ Ghàidhlig fhighe a-steach gu obair-sgoile, a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig sgoilearan FTMG air greis-gnìomhachais bhon Ghiblean 2026.

Sgoiltean, CNES, SDS, DYW OH

An e gnìomhachas a th’annad? Tairg greis-gnìomhachais far a bheil Gàidhlig air a bhrosnachadh no deatamach.

Eileamaidean Gàidhlig a chur ri cùrsaichean dreuchdail bhon t-Sultain 2026. A’ Ghàidhlig fhighe a-steach gu obair-sgoile, a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig sgoilearan FTMG air greis-gnìomhachais bhon Ghiblean 2026.

Cothrom
Alba FC
Ceòlas
Museum nan Eilean
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
CNES Gaelic Plan
Sgioba Gàidhlig CNES
Ro-Innleachd Sgoil Lionacleit
Sòn Ath-shluaigh
A 'leasachadh an luchd-obrach

Mar neach-gnìomhachais an urrainn dhut barrachd a dhèanamh gus luchd-obrach le Gàidhlig a thàladh m.e. aoidheachd, meacanaig, reic, einnseanaireachd.

01.4 Dèanamh cinnteach gu bheil campaichean Gàidhlig air chothrom ‘s air an tairgsinn ann an Uibhist, a’ toirt luchd-labhairt na Gàidhlig bho àiteachan eile bhon Iuchair 2026. See Forum >>

CnaG,Cothrom
Alba FC
Ceòlas
Museum nan Eilean
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
CNES Gaelic Plan
Sgioba Gàidhlig CNES
Ro-Innleachd Sgoil Lionacleit
Sòn Ath-shluaigh
A 'leasachadh an luchd-obrach

Tairg obrachadh gu saor-thoileach aig na campaichean; cha tachair iad as aonais daoine gan cur air dòigh.

01.5 A’ Ghàidhlig fhighe a-steach gu Fèilltean Dhreuchdan agus prògraman, nam measg Fèill Dhreuchdan a bhiodh a’ taisbeanadh roghainn farsaing de dhreuchdan bho 2026.

Cothrom
Alba FC
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Museum nan Eilean
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Taigh Chearsabhagh
Sgioba Gàidhlig CNES
Ro-Innleachd Sgoil Lionacleit
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit
Sòn Ath-shluaigh
A 'leasachadh an luchd-obrach

An e fastaiche a th’annad no deagh eiseimpleir? Thig agus bruidhinn ri sgoilearan mun Ghàidhlig san obair agad. Bruidhinn mu dheidhinn air na meadhanan-sòisealta.

01.6 Meudaich preantasan agus greisean-gnìomhachais as dèidh sgoile - amais air 10 greis-gnìomhachais ùra ron Dùbhlachd 2027.

Cothrom
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Dualchais Innse Gall
CNES Gaelic Plan
Sgioba Gàidhlig CNES
Sòn Ath-shluaigh
A 'leasachadh an luchd-obrach

Brosnaich an t-àit-obrach agad gus greis-gnìomhachais Gàidhlig a chruthachadh no a chur air adhart.

01.7 Leasaich lìonrachan co-aoise a tha a ceangal luchd-ionnsachaidh agus fileantaich tro chlubaichean no tachrtasan bhon Òg-mhios 2026. Leudaich an roghainn de thachartasan is eòlasan gus taic a chur ri cleachdadh agus togail na Gàidhlig.

Alba FC
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Dualchais Innse Gall
Taigh Chearsabhagh
CNES Gaelic Plan
Ro-Innleachd Sgoil Lionacleit
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit
Uist Primaries
Sòn Ath-shluaigh

Stèidhich buidheann ùidhe Gàidhlig san sgoil no sa bhuidheann òigridh agad.

01.8 Tog com-pàirteachas ri buidhnean òigridh Gàidhlig à Gaeltacht na h-Èireann, Canada agus/no àiteachan eile gus misneachd a thogail a thuilleadh air iomlaid a dhèanamh air cultar is beachdan bhon Lùnastal 2027.

Alba FC
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Dualchais Innse Gall
Museum nan Eilean
Taigh Chearsabhagh
Sgioba Gàidhlig CNES
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit

Ag iarraidh siubhal agus Gàidhlig a bhruidhinn? Cuidich ann a bhith a dealbh prògram iomlaid no ceangal cultarail.

1.9 Coitich airson an sgeama a leudachadh gus leigeil le daoine òga a bhith a siubhal bhon Fhaoilleach 2026 (gu bhith co-ionnan ri siubhal air bus an-asgaidh fo aois 22).

Am b’urrainn dhut feumalachdan Uibhist a riochdachadh air Bùird-stiùiridh leithid CalMac no Còmhdhail Alba? Sgrìobh chun a’ BPA no an BP agad.

1.9 Coitich airson an sgeama a leudachadh gus leigeil le daoine òga a bhith a siubhal bhon Fhaoilleach 2026 (gu bhith co-ionnan ri siubhal air bus an-asgaidh fo aois 22).

Am b’urrainn dhut feumalachdan Uibhist a riochdachadh air Bùird-stiùiridh leithid CalMac no Còmhdhail Alba? Sgrìobh chun a’ BPA no an BP agad.

0.21 Leudaich làthaireachd na Gàidhlig ann an ceannas sgoile: cruthaich caipteanan sgoile Gàighlig agus figh a’ chànan a-steach gu clàran-obrach comhairlean sgoilearan.. 

Ro-Innleachd Sgoil Lionacleit
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit

Uist Primaries

 

Sgoilearan agus pàrantanBruidhinn a-mach agus molaidh mar a ghabhas barrachd Gàidhlig a chleachdadh ann an ceannardas sgoile.. 

Cliùthaich cleachdadh na Gàidhlig an luib òigridh tro Dhuaisean Teachdaire Gàidhlig.. 

Ionad Saor-thoileach Uibhist
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Ro-Innleachd Sgoil Lionacleit

Mol neach òg airson na tha iad air a chur ri saoghal na Gàidhlig. Brosnaich daoine òga gus a’ Ghàidhlig aca a chleachdadh le bhith a’ còmhradh gu neo-fhoirmeil.

02.2 Lobby  CNES, HHP agus buidhnean iomchaidh gus taigheadas a chruthachadh a th’air a chomharrachadh airson òigridh m.e. leasachadh a’ Chille Bheag ann an ceann a deas an Eilean Sgìtheanaich far a bheil taighean air an gleidheadh airson na coimhearsnachd.

HHP, CNES, Riaghaltas na h-Alba. HHP, Urras Taigheadais Choimhearsnachdan Beaga, CNES, Riaghaltas na h-Alba

A bheil thu - no an aithne dhut feadhainn eile -  - a tha airson fuireach ann an Uibhist ach nach urrainn taigh fhaighinn? Cuir fios chu na buidhnean seo. Cuidich ann a bhith a cruthachadh dealbh nas coileanta air na tha a dhìth.

Thig air na Bùird iomchaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil gach guth air a chluinntinn.

Ar Sealladh airson 2030

Gàidhlig ri cluinntinn ‘s ri faicinn ar feadh Uibhist gu làitheil - ann an dachaighean, san àit’-obrach, aig tachartasan coimhearsnachd agus ann an seirbheisean poblach.

Clann a’ fàs suas sa bruidhinn Gàidhlig gu nàdarra - san dachaigh agus san sgoil

Daoine òga a’ faicinn beatha dhaibh pèin ann an Uibhist far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh.

Luchd-tadhail agus luchd-còmhnaidh ùra a’ faicinn agus a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig mar phàirt de dh’Uibhist.

Buidhnean poblach agus ionadail gu gnìomhail a’ cur taic agus a’ brosnachadh na Gàidhlig.

Stiùireadh a’ Phlana

Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.

www.gaidhliguibhist.scot Bidh www.planauibhist.scot na àite far am faighear, àite far am faighear fiosrachadh air cothroman ionnsachaidh Gàidhlig anns a’ Ghàidhlig agus naidheachdan togarrach agus taisbeanaidhean a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig. Bheir e taic cuideachd do dhaoine fa leth agus buidhnean a tha airson cur ris no stiùireadh a thairgsinn air cuid a ghnìomhan.

 

Cumaidh teachdaireachdan meadhanan sòisealta agus fiosrachadh cunbhalach anns Am Pàipear Plana Gàidhlig Uibhist follaiseach agus ceagailte ris a’ choimhearsnachd.

 

Thèid tosgairean ionadail ainmeachadh air feadh nan eileanan gus adhartas a bhrosnachadh agus adhartas a roinn air meadhanan sòisealta.

‘Se adhartas cunbhalach, leantainneach agus practaigeach an t-amas agus chan ann dìreach airson aon iomairt a thèid a chur an dara taobh rè ùine. Le bhith a’ toirt a-steach daoine fa lath, coimhearsnachdan agus ag obair gu dlùth ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, thèid againn air suidheachadh a chruthachadh far am bith barrachd làthaireachd aig a’ Ghàidhlig far a bheil i air a cleachdadh nas fharsainge ann am beatha làitheil air feadh Uibhist.