Ar Coimhearsnachd
Amas: Barrachd dhaoine òga a’ cleachdadh na Gàidhlig gu misneachail nam beatha, san sgoil agus nan obair, agus air am brosnachadh gus fuireach is obair an Uibhist an uair a ruigeas iad inbheachd.
Ar Coimhearsnachd
’S e oidhirp a th’ ann an Uibhist 2030 a tha air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd gus a’ Ghàidhlig a dhìon, a neartachadh agus a leasachadh ann an Uibhist. Tha e airson luchd-labhairt fileanta, luchd-ionnsachaidh, teaghlaichean, daoine òga, luchd-tadhail ùr agus luchd-còmhnaidh fad-ùine – neach sam bith a bhios a’ cleachdadh no a’ toirt taic don Ghàidhlig, aig an taigh no air falbh. Tha e cuideachd airson buidhnean ionadail, buidhnean poblach agus solaraichean seirbheis – an fheadhainn aig a bheil pàirt ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig fhathast na cànan beò air feadh ar n-eileanan – gus am brosnachadh gus a bhith an sàs agus ag obair còmhla gus na geallaidhean aca fhèin sa Phlana Gàidhlig a choileanadh.
Bloga Plana Gàidhlig Uibhist!
Àite far am faigh sinn uile cothrom na rudan sònraichte, làidir agus uaireannan èibhinn a thachras tron Ghàidhlig anns na h‑eileanan againn air a chur ri chèile ann an aon àite. Ma tha sibh fhèin airson pìos beag a sgrìobhadh
Ar Sealladh airson 2030
Gàidhlig ri cluinntinn ‘s ri faicinn ar feadh Uibhist gu làitheil - ann an dachaighean, san àit’-obrach, aig tachartasan coimhearsnachd agus ann an seirbheisean poblach.
Clann a’ fàs suas sa bruidhinn Gàidhlig gu nàdarra - san dachaigh agus san sgoil
Daoine òga a’ faicinn beatha dhaibh pèin ann an Uibhist far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh.
Luchd-tadhail agus luchd-còmhnaidh ùra a’ faicinn agus a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig mar phàirt de dh’Uibhist.
Buidhnean poblach agus ionadail gu gnìomhail a’ cur taic agus a’ brosnachadh na Gàidhlig.
Stiùireadh a’ Phlana
Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.
www.gaidhliguibhist.scot will act as a central point for updates, a community diary, a one stop shop for infomation on Gaelic learning opportunities in Gaelic and good news stories and showcases relating to Gaelic. It will also help individuals, groups, and organisations find ways to contribute or lead on particular actions.
Social media and regular updates in Am Pàipear will also help keep Plana Gàidhlig Uibhist visible and connected to the wider community.
Thèid tosgairean ionadail ainmeachadh air feadh nan eileanan gus adhartas a bhrosnachadh agus adhartas a roinn air meadhanan sòisealta.
‘Se adhartas cunbhalach, leantainneach agus practaigeach an t-amas agus chan ann dìreach airson aon iomairt a thèid a chur an dara taobh rè ùine. Le bhith a’ toirt a-steach daoine fa lath, coimhearsnachdan agus ag obair gu dlùth ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, thèid againn air suidheachadh a chruthachadh far am bith barrachd làthaireachd aig a’ Ghàidhlig far a bheil i air a cleachdadh nas fharsainge ann am beatha làitheil air feadh Uibhist.