Neartachadh na Gàidhlig
A’ Ghàidhlig air a cleachdadh - air a bruidhinn, air a cluinntinn agus luach ga chur oirre - air feadh coimhearsnachd Uibhist, le luchd-ionnsachaidh agus fileantaich a faighinn taic aig gach ìre
Neartachadh na Gàidhlig
“My name is Sìne and I am nineteen years old. I live in South Uist, I work in the care home, Taigh a’ Chridhe Uile Naomh. In this job I teach Gaelic every day, mostly to the residents.
Tha mi den bheachd gu bheil e cho, cho cudromach a’ Ghàidhlig agam a chumail làidir airson na seann dhaoine. Bidh thu a’ faighinn tòrr a bharrachd asta ma tha thu a’ bruidhinn Gàidhlig leotha. Chì thu an diofar nuair a chluinneas iad duine òg a’ bruidhinn a’ chiad chànan aca”.
Action
Buidhnean a tha a’ ceangal ris a’ ghnìomh seo
Gnìomh Coimhearsnachd
N1.1 Clasaichean Gàidhlig agus cothroman a bhrosnachadh airson gach ìre - gu sònraichte feadhainn a tha a’ tilleadh agus luchd-labhairt a tha misneachail.
Cothrom
Ionad Saor-thoileach Uibhist
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
CNES Gaelic Plan
Uist Primaries
Early Years
Sòn Ath-shluaigh
UHI NWH
Thig gu clas no brosnaich a leithid, no cum seisean neo-fhoirmeil san dachaigh no san àit-obrach.
Brosnaich feadhainn a th’air an sgoil fhàgail gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig aig a h-uile cothrom.
N1.2 Cruthaich Iùilean Fuaim Uibhisteach: goireasan fuaim practaigeach airson faclan/abairtean cumanta ann an dual-chainntean Uibhist.
Uist Primaries
Early Years
CEUT
Ceòlas
Cuidich ann a bhith a’ dèanamh clàradh no feuch an goireas mar neach-ionnsachaidh.
N1.3 Brosnaich tachartasan agus àiteachan adhartach airson Gàidhlig far a bheil fàilte air gach ìre.
Cothrom
Tagsa Uibhist
UCVO
Caraidean Uibhist
Ionad Saor-thoileach Uibhist
Alba FC
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
Sgioba Gàidhlig CNES
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit
Uist Primaries
Early Years
Sòn Ath-shluaigh
North Uist Agricultural Society
Visit Outer Hebrides
Ceòlas
Co-Chomunn Eirisgeidh
Cothrom LTD
Cidsin Ceilidh
Buidhnean taigh-òsta nan Eilean
North Uist Development Company
Leabharlann Lionacleit
Cum tachartas a tha ‘Bàidheil dhan Ghàidhlig’, no can gu bheil e airson Gàidhlig a bhrosnachadh. Use the #cleachdi events website to promote events. Cleachd làrach-lìn #cleachdi gus tachartasan a bhrosnachadh.
Cleachd làrach-lìn #cleachdi gus tachartasan a bhrosnachadh.
N1.4 Cur taic ri daoine fa leth agus buidhnean ann a bhith a cruthachadh agus a ruidh nan tachartasan Gàidhlig aca fhèin.
UCVO
Ionad Saor-thoileach Uibhist
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Sòn Ath-shluaigh
North Uist Agricultural Society
North Uist Development Company
A bheil beachd agad? Cuir a-steach airson taic-airgead no iarr cuideachadh bhon Chomhairle Coimhearsnachd no Urras Ionadail agad airson fhaighinn gu dol.
e.g. exercise classes led by a young Gaelic speaker.
N1.5 Support all Gaelic-related events being cross-promoted via a shared community websites.
Uist Beò, Cothrom
UCVO
Caraidean Uibhist
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Dannsairean Màiri
Taigh Chearsabhagh
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit
Uist Primaries
Early Years Am Paipear Visit Outer Hebrides
North Uist Development Company
Leabharlann Lionacleit
Innis mu dheidhinn an tachartas agad agus tag e mar Gàidhlig no dà-chànanach - cha ruig thu a leas a bhith siannda!
N1.6 Leasaich pasgan taic ‘Tilleadh gu Gàidhlig’ no cothroman sin a dhèanamh.
Ceòlas
UHINWH
Cothrom
Ceut
Innis an sgeulachd agad mar a thill thu gu Gàidhlig - no cuidich le taic airson cuideigin eile.
Beachdaich air clàradh airson cùrsa “Tillidh Mi” do dh’fheadhainn a tha a’ tilleadh chu na Gàidhlig.
N1.7 Lìbhrig seiseanan coimhearsnachd neo-fhoirmeil gus còmhraidhean Gàidhlig a chomasachadh.
UCVO
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Taigh Chearsabhagh
Tairg àite, bheir fiathachadh do chàirdean no dìreach nochd agus feuch facal no dhà. Cuir taic ri bùithean a tha a’ cumail uairean Gàidhlig.
N1.8 Taisbean an cleachdadh as fheàrr ann a bhith a’ fàilteachadh luchd-còmhnaidh/com-pàirtichean ùra: innis dhaibh carson a tha a’ Ghàidhlig cudromach ann an Uibhist agus stiùir daoine ùra gu clasaichean agus taic.
Caraidean Uibhist
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Taigh Chearsabhagh
Sòn Ath-shluaigh
Visit Outer Hebrides
Ceòlas
Tairg cuideachadh le pasgan failteachaidh Uibhist airson luchd-tadhail no innis dha do nàbaidh ùr mar a tha a’ Ghàidhlig air do dhòigh-beatha a dhealbh.
N1.9 Leudaich soidhnichean Gàidhlig no dà-chànanach ann an Uibhist.
Tagsa Uibhist
UCVO
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath
Ceann na h-Àirigh
Taigh Chearsabhagh
Plana Leasachaidh Sgoil Lionacleit
Uist Primaries
Early Years
Sòn Ath-shluaigh
North Uist Agricultural Society Public Bodies with a National Gaelic plan
North Uist Development Company
Leabharlann Lionacleit
An e neach-gnìomhachais a th’annad? Cuir suas soidhnichean Gàidhlig no iarr cuideachadh ann a bhith gan cruthachadh no gan eadar-theangachadh.
N2.0 Brosnaich cleachdadh na Gàidhlig ann am beatha làitheil le sgeamachan sònraichte: m.e. “bruidhinn Gàidhlig no òrdaich sa Ghàidhlig agus faigh 10% dheth”.
Caféthan ionadail, bùithean, turasachd, gnìomhachasan.
Cuir taic ris na tachatasan seo, no tòisich “Cruinneachadh Bruidhinn Gàidhlig thu fhèin.”
N2.1 Brosnaich cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh tro cheumannan ro-ghnìomhach far a bheil teaghlaichean ann le Gàidhlig aig nach eil misneachd a bhith ga cleachdadh gach latha no far nach deach a cleachdadh san teaghlach aca fhèin fhad ’s a bha iad a’ fàs suas. Cuidich le bhith a’ briseadh a’ chearcaill far a bheil iad a’ tòiseachadh sa Bheurla.
Early Years
Sòn Ath-shluaigh
Uist Primaries
Lionacleit Libraries
Brosnaich iad agus mìnich cho cudromach ’s tha e a Ghàidhlig aca fhèin a thoirt air adhart agus dìleab fhàgail aig an ath ghinealach. Taic a chumail riutha a thaobh cleachdadh na Gàidhlig.
N2.2 Comharraich agus lìon bèarnan airson Gàidhlig ionnsachadh agus a cleachdadh.
Gaelic Officers, Cothrom, UHI NWH, CNES, Ceòlas
Fèis Tìr a’ Mhurain Tir An Eorna +FnanG
Sòn Ath-shluaigh
Innis dhuinn de a tha a’ dhìth anns an sgìre agaibh - bidh thu a’ cuideachadh ann a bhith a dealbh na h-ath cheumannan.
Tairg do sgilean airson m.e. seiseanan sgeulachd teaghlaich a thairgsinn.
N2.3 Brosnaich leughadh sa Ghàidhlig airson clann san dachaigh a’ cleachdadh an roghainn de stòrasan a tha air chothrom airson luchd-ionnsachaidh agus fileantaich.
Uist Primaries
Early Years
Sòn Ath-shluaigh
Acair, Gaelic4Parents, Comhairle nan Leabhraichean, CBeebies na Gàidhlig. Storlann, Comann Nam Pàrant
Leabharlann Lionacleit
Ceannaich fear dheth na leabhraichean ùra chloinne agus bheir do charaid e a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig no aig a bheil Gàidhlig gus iad fhèin agus an cluid chloinne a bhrosnachadh gu bhith a’ leughadh Gàidhlig còmhla.
N2.4 Cruthaich seiseanan buidhne co-aoise: buidhnean de dhaoine a bhios a’ coinneachadh le fòcas air a’ Ghàidhlig ach le ùidhean eile cuideachd.
Caraidean Uibhist
Alba FC
Comunn Eachdraidh Eirisgeidh
Ceòlas
Early Years
Sòn Ath-shluaigh
Tairig a bhith na do charaid no cuidich ann a bhith a ruidh buidheann blais anns an sgìre agad.
Ar Sealladh airson 2030
Gàidhlig ri cluinntinn ‘s ri faicinn ar feadh Uibhist gu làitheil - ann an dachaighean, san àit’-obrach, aig tachartasan coimhearsnachd agus ann an seirbheisean poblach.
Clann a’ fàs suas sa bruidhinn Gàidhlig gu nàdarra - san dachaigh agus san sgoil
Daoine òga a’ faicinn beatha dhaibh pèin ann an Uibhist far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh.
Luchd-tadhail agus luchd-còmhnaidh ùra a’ faicinn agus a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig mar phàirt de dh’Uibhist.
Buidhnean poblach agus ionadail gu gnìomhail a’ cur taic agus a’ brosnachadh na Gàidhlig.
Stiùireadh a’ Phlana
Bidh a’ Bhuidheann Stiùiridh a’ cumail sùil air Plana Gàidhlig Uibhist, a’ coinneachadh gach trì mìosan gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air adhartas, gnìomhan ùrachadh, agus freagairt ri cothroman ùra. Cumaidh an sgrùdadh cunbhalach seo am plana gnìomhail agus freagarrach, a’ leigeil leis atharrachadh mar a tha an suidheachadh ionadail ag atharrachadh.
www.gaidhliguibhist.scot Bidh www.planauibhist.scot na àite far am faighear, àite far am faighear fiosrachadh air cothroman ionnsachaidh Gàidhlig anns a’ Ghàidhlig agus naidheachdan togarrach agus taisbeanaidhean a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig. Bheir e taic cuideachd do dhaoine fa leth agus buidhnean a tha airson cur ris no stiùireadh a thairgsinn air cuid a ghnìomhan.
Cumaidh teachdaireachdan meadhanan sòisealta agus fiosrachadh cunbhalach anns Am Pàipear Plana Gàidhlig Uibhist follaiseach agus ceagailte ris a’ choimhearsnachd.
Thèid tosgairean ionadail ainmeachadh air feadh nan eileanan gus adhartas a bhrosnachadh agus adhartas a roinn air meadhanan sòisealta.
‘Se adhartas cunbhalach, leantainneach agus practaigeach an t-amas agus chan ann dìreach airson aon iomairt a thèid a chur an dara taobh rè ùine. Le bhith a’ toirt a-steach daoine fa lath, coimhearsnachdan agus ag obair gu dlùth ri buidhnean ionadail agus buidhnean poblach, thèid againn air suidheachadh a chruthachadh far am bith barrachd làthaireachd aig a’ Ghàidhlig far a bheil i air a cleachdadh nas fharsainge ann am beatha làitheil air feadh Uibhist.